Print

GMU 4-7

GMU 4-7

As dèidh rannsachadh a dhèanamh air Mother Teresa agus a beatha, sgeadaich a' chlann  tòrr chèicean agus reic iad iad airson airgead a thogail dha Bethesda.


Airson crìoch a chur air a' phròiseact againn air 'Sgeulachdan Traidiseanta' fhuair an clas cothrom dealbh-chluich a sgrìobhadh agus a chuir air àrd-ùrlar an lùib Phròiseact nan Ealan agus an sgrìobhaiche Catriona Lexy Caimbeul.
 pizap.com14346194784762pizap.com14346196679061
Mar phàirt de Là na Sròine Deirge, thàinig Aileag a-steach airson agallamh a dhèanamh le feadhainn dhan chlas air dè bha a' chlann gu bhith a' dèanamh airson airgead a thogail.  An uairsin, fhuair iad air na

h-aodannan aca a pheantadh.

Thàinig clach-eòlaiche a-steach dhan sgoil aig deireadh A' Ghiblean airson beagan fiosraichaidh a thoirt dhan chlann agus deuchainn inntinneach a dhèanamh còmhla riutha co-cheangailte ri bholcàno.